2003 UNESCO Convention for the Safeguarding of the Intangible Cultural Heritage - ³Ò±ðà °ù°ù-³¦³ó³Ü²Ô²Ô³Ù²¹²õ: Gà idhlig
Updated 12 April 2025
³Ò±ðà °ù°ù-³¦³ó³Ü²Ô²Ô³Ù²¹²õ
Tha sinn airson gum bi daingneachadh Cunnradh 2003 a’ tòiseachadh còmhradh air feadh na RA mu ar dualchas cultarach – beul-aithris, cluich, cleachdaidhean agus obair-ciùird aig a bheil à ite cudromach ann an dearbh-aithne, pròis, agus co-leanailteachd choimhearsnachdan air feadh na RA – agus mar a tha sinn a’ dìon an dualchais chultarail do-bheantainn seo, ris an can sinn ‘dualchas beò’ còmhla.
Bha a’ cho-chomhairle seo na phà irt de thoiseach a’ chòmhraidh mu dhualchas beò san RA agus tha sinn air obrachadh gu dlùth leis na Riaghaltasan Tiomnaichte gus an fhreagairt seo aontachadh.
Is e raon farsaing a th’ ann an dualchas beò a tha a’ gabhail a-steach grunn raointean poileasaidh eadar-dhealaichte agus mar sin gu tric cha bhi freagairt ann a fhreagras air na h-uile rud, ach bidh sinn a’ dèiligeadh ris na clà ran-innse agus air buileachadh a’ Chunnraidh nas fharsainge leis na prionnsapalan gu bheil dualchas beò stèidhichte sa choimhearsnachd, in-ghabhalach, suimeil agus fosgailte.
B’ e ar dòigh-obrach san fharsaingeachd a bhith a’ cuimseachadh air cùisean practaigeach mu bhith a’ stèidheachadh nan clà ran-innse agus tha sinn air phrìomh phuingean aontachadh mun adhbhar:
-
Cumaidh na clà ran-innse taic ri bhith a’ comharrachadh agus ag aithneachadh dualchas beò san RA tro phròiseas ‘clà radh stuic’, agus cuidichidh iad le bhith a’ cur ri mothachadh agus a’ cumail taic do chòmhraidhean mu dhìon san à m ri teachd.
-
Chan eil na slatan-tomhais airson nithean a chur ris a’ chlà r a’ gabhail a-steach breithneachadh air luachan, measadh no a bhith a’ seòrsachadh chudromachd, no slat-tomhais sam bith eile coltach ri seo.
-
Tha e coltach gum bi na buannachdan bho bhith anns na clà ran-innse eadar-dhealaichte airson gach nì agus coimhearsnachd, ach dh’fhaodadh iad a bhith a’ gabhail a-steach barrachd mothachaidh, aithneachaidh, a bharrachd air cothroman airson barrachd com-pà irteachadh agus co-obrachaidh.
-
Thèid na clà ran-innse ùrachadh agus bidh gairmean fosgailte cunbhalach do choimhearsnachdan gus an cuid dualchais beò a chur air adhart. Chan e inneal mapaidh, no clà r de dhualchas beò san RA a th’ annta agus chan eilear an dùil gum bi iad nan encyclopaediathan no nan tasglannan.
-
Ma tha nì air a ghabhail a-steach do na clà ran-innse, chan eil seo a’ ciallachadh leis fhèin gu bheil uallach no dleastanas air buidheann, comann no riaghaltas sam bith taic dhìreach a thoirt dhan nì sin.
-
Tha na clà ran-innse nam pròiseasan dachaigheil a tha eadar-dhealaichte ris na liostaichean a tha air an cumail aig UNESCO.
Cumaidh sinn oirnn a’ cleachdadh teacsa a’ Chunnraidh airson a’ mhìneachaidh aontaichte air dualchas cultarail neo-stuthach no dualchas beò, ach tha sinn cuideachd ag aithneachadh gun gabh ciall a’ mhìneachaidh a thuigsinn ann an diofar dhòighean (’s dòcha a dh’aona ghnothach). Ach cha chleachd sinn briathran leithid ‘traidiseanta’, ‘co-aimsireil’, ‘fìor’ no ‘dualchas’ nuair a tha sinn a’ mìneachadh dè tha na eisimpleir de dhualchas beò is dè nach eil no dè bu chòir a bhith anns na clà ran-innse.
Leanaidh sinn an seasamh ris an do ghabh an Cunnradh agus cha ghabh sinn ri tagraidhean airson creideamhan eagraichte agus airson siostaman creideas gu h-iomlan, ach cuiridh sinn fà ilte air tagraidhean mu chleachdaidhean cultarail co-cheangailte ri creideamh. Cuiridh sinn fà ilte air tagraidhean aig a bheil cà nan mar mheadhan, agus bheir sinn taic do ghrunn chà nanan ionadail, dùthchasach le eadar-theangachadh (a bharrachd air a bhith ag obair gu dà -chà nanach sa Chuimris a rèir riatanasan reachdail), ach cha chuir sinn a-steach na cà nanan fhèin sa chlà r-innse.
Slatan-tomhais
Bha taic là idir ann am freagairtean na suirbhidh airson nan slatan-tomhais a chaidh a mholadh le còrr is trì chairteal den luchd-fhreagairt ag aontachadh riutha. Mar thoradh air beachdan agus molaidhean, tha sinn air na slatan-tomhais a chaidh a mholadh a chumail, air dhà dhiubh a chur còmhla airson adhbharan practaigeach agus air trì a bharrachd a chur ann gus am bi cùisean nas soilleire.
-
Feumaidh e a bhith na chleachdadh aig an à m seo. Airson a bhith air a mheas airson a dhol do na clà ran-innse, feumaidh coimhearsnachd bheò a bhith aig an nì aig a bheil eòlas air mar a nithear an nì, agus as urrainn an rud a thar-chur do na ginealaichean ri teachd. Bu chòir do thagraidhean fiosrachadh a thoirt seachad mu bheothalachd an nì aig an à m seo agus san à m ri teachd, agus a bhith a’ cur an cèill a bheil a’ choimhearsnachd a tha a’ cur a-steach an nì den bheachd gu bheil e ann an cunnart, m.e. a bheil e ann an cunnart a dhol bàs gun atharrachadh mòr air an ìre tar-chur là ithreach.
-
Faodaidh e bhith bho à ite sam bith aig à m sam bith, ach feumaidh fiosrachadh a bhith ann mu eachdraidh agus tar-chur taobh a-staigh na coimhearsnachd buntainnich. Chan fheum an rud a bhith de dh’aois sònraichte no a bhith air a thoirt seachad à ireamh sònraichte de thursan eadar ginealaichean agus faodaidh e a bhith bho à ite sam bith agus bho dhuine sam bith.
-
Feumaidh gur e an cleachdadh beò fhèin a bhios ann. Bu chòir tagradh do na clà ran-innse a bhith a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu eileamaidean co-cheangailte ris an nì far a bheil sin iomchaidh, ach chan urrainn dha a bhith a’ gabhail a-steach innealan, ionnstramaidean, èideadh, stuthan is eile co-cheangailte ris a-mhà in no a bhith a’ gabhail a-steach toradh, bathair no stuth a chaidh a chruthachadh mar thoradh air an dualchas bheò a-mhà in.
-
Feumaidh e a bhith a rèir inbhean chòraichean daonna a chaidh aontachadh gu h-eadar-nà iseanta. Mar eisimpleir, feumaidh e a bhith a rèir còraichean dhaoine eile a bhith gun lethbhreith agus a bhith a’ faighinn là imhseachadh co-ionann, a rèir prìobhaideachd, saorsa smaoineachaidh agus cur an cèill, agus a rèir na còrach com-pà irteachadh ann am beatha shòisealta agus chultarach.
-
Feumaidh cead fiosraichte a bhith ann bhon choimhearsnachd ro là imh. Feumaidh an tagradh fianais a thoirt seachad gu bheil a’ choimhearsnachd aig a bheil an cleachdadh air cead a thoirt seachad gun tèid an nì dualchas beò a chur a-steach do na clà ran-innse.
-
Feumaidh buannachd choimeirsealta sam bith bho nì an dualchais bheò a bhith airson prìomh bhuannachd na coimhearsnachd.
Còd Beusachd
Chuala sinn cuideachd grunn bheachdan agus mholaidhean co-cheangailte ri slatan-tomhais eile, ach bha dìth co-aonta no dìth bunait oibseactach ann airson nì a mheasadh mu choinneamh nan slatan-tomhais, agus mar sin an à ite sin tha sinn air còd beusachd a chur ri chèile.
Bu chòir coimhearsnachdan a tha a’ dèanamh tagraidhean beachdachadh air a’ chòd beusachd, agus dh’fhaodadh e cuideachadh còmhraidhean fhiosrachadh san à m ri teachd mu dhìon, ach cha bhi e na phà irt de na slatan-tomhais airson a bhith a’ cur rudan ris na clà ran-innse.
-
Bu chòir spèis a thoirt do bheathaichean, nà dar, agus dhan à rainneachd.
-
Bu chòir dha urram a thoirt do na frèaman laghail nà iseanta là ithreach agus a bhith ag adhartachadh deagh shlà inte, sunnd agus sà bhailteachd dhaibh fhèin agus do dhaoine eile.
-
Bu chòir dha cur ri sìth, spèis, co-leanailteachd sòisealta agus in-ghabhail, agus leth-bhreith a sheachnadh taobh a-staigh an cleachdaidhean dualchais beò fhèin, ann an coimhearsnachdan nas fharsainge, agus nuair a bhios iad a’ co-obrachadh le cleachdaichean dualchais beò eile.
¸é´Ç¾±²Ô²Ô±ð²¹²Ô-²õ±ðò°ù²õ²¹
Bha na prìomh chòmhraidhean sa chuspair seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ faighinn cothromachadh eadar a bhith a’ cumail nan roinnean-seòrsa aig UNESCO airson co-obrachadh furasta, agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil na roinnean-seòrsa agus am briathrachas cho feumail agus cho ruigsinneach ’s a ghabhas airson co-theacs na RA.
Cumaidh sinn na còig roinnean-seòrsa aig UNESCO agus cuiridh sinn dà a bharrachd ann: ‘Spòrs is Geamannan’ agus ‘Cleachdaidhean Bìdh is Dighe’. Cuiridh sinn ainmean ùra air na roinnean-seòrsa agus sìmplichidh sinn am briathrachas, a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt iomradh soilleir air Tìr is Creideamh.
-
Beul-aithris Dualchas beò co-cheangailte ri conaltradh labhairteach agus neo-labhairteach a thathar a’ cleachdadh gus eòlas, luachan cultarail is sòisealta agus cuimhne choitcheann a thoirt air adhart. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith a’ gabhail a-steach seanfhacail, tòimhseachain, òrain, rannan chloinne, no seanchas.
-
Na h-ealain-chluiche Dualchas beò co-cheangailte ri cluiche agus cruthachalachd daonna. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith a’ gabhail a-steach diofar chleachdaidhean ciùil, dannsa no drà ma.
-
Cleachdaidhean Sòisealta Dualchas beò a tha gu tric air a cho-roinn agus anns an gabh buidheann pà irt. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith a’ gabhail a-steach cleachdaidhean mìosachain no rà itheil, fèisean, tachartasan comharrachaidh no deas-ghnà than.
-
Nà dar, Tìr, agus Spioradalachd Dualchas beò co-cheangailte ris an à rainneachd agus ri creideamh. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith a’ gabhail a-steach dòighean togail, siostam stiùireadh fearainn, eòlas mu chuid de bheathaichean is lusan is eag-eòlasan.
-
°ä±ðà °ù»å²¹²Ô Dualchas beò co-cheangailte ri sgilean, eòlas agus a bhith a’ dèanamh rudan, an dà rna cuid le là imh no le taic bho innealan. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith a’ gabhail a-steach cleachdaidhean sònraichte co-cheangailte ri fighe, snaidheadh fiodha, crèadhadaireachd, goibhneachd no clachaireachd.
-
Spòrs is Geamannan Dualchas beò co-cheangailte ri geamannan, co-fharpaisean no gnìomhan a dh’fheumas oidhirp chorporra agus/no sgil. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith a’ gabhail a-steach tachartasan spòrs no geamannan mar chur-seachad.
-
Cleachdaidhean Bìdh is Dighe Dualchas beò co-cheangailte ri ullachadh agus caitheamh bìdh is deoch. Dh’fhaodadh eisimpleirean a bhith a’ gabhail a-steach a bhith a’ dèanamh biadh sònraichte no a’ roinn biadh is deoch gu sòisealta.
Na h-ath cheuman
Foillsichidh sinn barrachd fiosrachaidh agus stiùiridh air mar a chuirear ris clà ran nuair a dh’fhosglas sinn a’ ghairm airson tagraidhean nas fhaide air adhart am-bliadhna.